Laureano Gómez Castro
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e Laureano Eleuterio Gómez Castro (rugadh 20mh an Gearran 1889 ann am Bogotá – chaochail 13mh an t-Iuchar 1965 ann am Bogotá) innleadair, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia, le freumhan ann an Ocaña.[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia bho 1950 gu 1953 nuair a dh’fhàg Roberto Urdaneta Arbeláez a’ cheanneas gu sealach air adhbharan na slàinte. Thàinig esan ais air chun a’ chinneas 13mh an t-Ògmhios 1953, ach chaidh e a chuir às a’ chathair an ceann greiseag leis an t-Seanalair Gustavo Rojas Pinilla. Mus do deach Gómez a thaghadh na cheann-suidhe, bha e air a bhith fear dhe na ceannardan na bu chudromaiche aig Pàrtaidh Tòraidh na dùthcha fad trì deicheadan agus bhathar ag ràdh gur e fear dhe na òraidichean na b’ fheàrr anns a’ Chòmhdhail Choloimbia a bh’ann. Bha Riaghaltas fuilteach aige[2], ga stèidheachadh air cur às nan Libearalach radaigeach, agus le sin fhuair e na far-ainmean "El Monstruo" (An t-Uilebheist) agus "El Basilisco" (Am Basaileasg).
Laureano Gómez Castro | |||||
---|---|---|---|---|---|
21 dhen Mhàrt 1948 - 10 dhen Ghiblean 1948 ← Domingo Esguerra Plata (en)
7 dhen Lùnastal 1950 - 5 dhen t-Samhain 1951 ← Mariano Ospina Pérez - Gustavo Rojas Pinilla → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Bogotá, 20 dhen Ghearran 1889 | ||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Bàs | Bogotá, 13 dhen Iuchar 1965 | ||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||
Nàdar a’ bhàis | (gastrointestinal system disease (en) ) | ||||
Teaghlach | |||||
Cèile | María Hurtado de Gómez (en) | ||||
Clann | |||||
Foghlam | |||||
Foghlam |
Oilthigh Nàiseanta Colombia St. Bartholomew Major College (en) | ||||
Cànain |
Sìnis Spàinntis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-naidheachd, einnseanair-thogalach, dioplomat, einnseanair agus neach-poileataigs | ||||
Duaisean a fhuaras | |||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
Phòs e María Hurtado Cajiao, à Popayán, air 9mh an t-Sultain 1916. Fhuair iad ceathrar duine-chloinne còmhla: Cecilia Gómez Hurtado, a phòs Daniel Mazuera Villegas agus an uair sin is i na banntrach, phòs i Carlos Francisco Fajardo Herrera; Rafael Gómez Hurtado, a bhàsaich ann an tubaist plèana nuair a bha e 30 bliadhna a dh’aois; Álvaro Gómez Hurtado, a phòs Margarita Escobar López; agus Enrique Gómez Hurtado, a phòs María Ángela Martínez.