Rèabhlaid Ghlòrmhor
From Wikipedia, the free encyclopedia
Air an 10mh latha dhen Ògmhios 1688, rugadh leanabh mic do Rìgh Seumas VII Alba is II Shasainn is an dàrna bean aige, Mary of Modena a bha na Caitligeach.
Chuir seo uabhas air Pròstanaich an dà rìoghachd (Alba is Sasainn), aig an robh làmh-an-uachdair a-nis san dà dhùthaich, oir bha e ri aithneachadh gun togadh an Rìgh is a bhean an leanabh, oighre dligheach crùn Alba is crùn Shasainn, sa chreideamh caitligeach. Ged a bha Seumas air iompachadh dhan chreideamh Chaitligeach mu 1676, gu ruige 1688 's e nighean Sheumais bu shine bhon a' chiad pòsadh aige, Màiri, a chaidh a thogail na Pròstanach, a bha na h-oighre dligheach.
Chuir còmhlan de mhòr-uaislean Shasainn romhpa gun tugadh iad fiathachadh dhan Phròstanach uasal Duitseach Uilleam, Prionnsa Orains is Nassau, a bha pòsd' ri Màiri, e thighinn le chuid armachd a Shasainn gus an rìoghachd a ghabhail a-nall bho Rìgh Seumas. Air 5mh Samhain 1688, sin na rinn e.
Nuair a ràinig e, dh'fhalbh a chuid a bu mhotha dhe na h-oifigich bho arm Sheumais, agus liostaig iad an arm Uilleim. Chaill Seumas a mhisneachd agus theich e a dh'Èirinn.
Air 4mh Giblean 1689, cho-dhùin Co-chruinneachadh Dhùn Èideann gun gabhadh iad ri Uilleam is a bhean mar Uilleam II is Màiri II Alba. Bhiodh iad nan co-mhonarc, mar a bha an Sasainn.
Chaidh an "t-ar-a-mach glòrmhoir" èigheachd air a' chàs seo, a chionn bu ghann a bha dortadh-fala ann, co-dhiù an Sasainn. Ach cha b' ann mar siud a dh'èirich do Alba no Èirinn idir idir.