Émile Zola
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e Émile Zola (IPA emil zɔˈla) ùghdar, neach-aithris agus fear ainmeil às an Fhraing. Rugadh e ann am Paris air an darna latha dhen Ghiblean 1840, agus chaochail e an siud fhèin air 29mh latha dhen t-Sultain 1902. Bha e os cionn an stoidhle litreachas ris an canadh nàdarras, neo naturalisme anns an Fhrangais.[1][2]
Émile Zola | |||||
---|---|---|---|---|---|
1891 - 1894 ← Ernest Hamel (en) - Jean Aicard →
1895 - 1896 ← Aurélien Scholl (en) - Henry Houssaye (en) → | |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Émile Édouard Charles Antoine Zola | ||||
Breith | rue Saint-Joseph (en) agus Paris, 2 dhen Ghiblean 1840 | ||||
Dùthaich | An Fhraing (1862 - | ||||
Ciad chànan | Fraingis | ||||
Bàs | Paris, 29 dhen t-Sultain 1902 | ||||
Àite-adhlacaidh |
Panthéon (en) cladh Montmartre | ||||
Nàdar a’ bhàis | accidental death (en) (puinnseanachadh le CO) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Francesco Zola | ||||
Màthair | Émilie Aubert | ||||
Cèile | Alexandrine Meley (en) (31 dhen Chèitean 1870 - unknown value) | ||||
Càraid | Jeanne Rozerot (en) | ||||
Clann | |||||
Foghlam | |||||
Cànain | Fraingis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-naidheachd poileataigeach, breithniche ealain, nobhailiche, aistear, sgrìobhaiche-dràma, sgrìobhadair sgeulachdan goirid, breithniche litreachais, theatre critic (en) , neach-naidheachd, sgrìobhadair, bàrd agus neach togail dhealbhan | ||||
Com-pàirtiche
| |||||
Obraichean comharraichte |
Les Rougon-Macquart (en) Thérèse Raquin (en) J’accuse…! (en) Nana | ||||
Duaisean a fhuaras | |||||
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
| ||||
Buaidh | Honoré de Balzac | ||||
Gluasad |
Nàdarras (litreachas) freethought (en) | ||||
Gnè ealain |
nobhail sgeul goirid | ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | neo-dhiadhaireachd | ||||
IMDb | nm0957652 | ||||
‘S e fear dhe na sgrìobhadairean nobhailean Frangach na bu chòrdte na cruinne a bh' ann Zola is thathar a’ cur a chuid obrach sa chlò, ga eadar-theangachadh is a’ bruidhinn mu dheidhinn cho tric fhathast. Nochdaidh na leabhraichean aige daonnan anns na fiolmaichean agus air an telebhisean. Tha a bheatha is a chuid obrach air an nochdadh ann an tòrr sgrùdaidhean eachdraidheil. Taobh litreachas, tha e ainmeil gu sònraichte air sàilleabh na Rougon-Macquart, sreath dhe fichead nobhailean aige a tharraingeadh dealbh co-chomann na Frainge aig àm an Darna Iompaireachd. Leanadh an sreath sin an teaghlach Rougon-Macquart, tro na ginealaichean is gach leabhar a’ dealbhadh ginealach agus linn fa leth.
Mu dheireadh a’ bheatha bha e an sàs anns a’ cheist Dreyfus nuair a sgrìobh e an t-artaigil ainmeil « J’Accuse…! » (Tha mi e fàgail air...!) anns a’ phàipear-naidheachd L'Aurore anns an Fhaoilleach 1898. Thug e sumanadh dhan Taigh-cùirte fo chasaidean dhe Chliù-mhilleadh agus b' fheudar dha a dhol gu Lunnainn is e na fhògarrach sa bhliadhna sin fhèin.