Rìoghachd na h-Alba
From Wikipedia, the free encyclopedia
Bha Rìoghachd na h-Alba (Beurla Ghallda: Kinrick o Scotland) 'na stàit neo-eisimeileach ann an iar-thuath na Roinn Eòrpa. Thathar ag ràdh a ghnàth gun deach a chur air bhonn ann an 843 agus gun deach aonadh le Rìoghachd Shasainn ann an 1707, a' toirt gu bith Rìoghachd na Breatainne Mòire. Dh'fhàs agus chrìon am fearann aice thairis air na linntean, gu sònraichte, leis gu bheil e suidhichte mu thuath Eileanan Bhreatainn le crìoch ri Sasainn, mu dheas. Bhris na Sasannaich a-steach oirre iomadh turas, gu sònraichte fo rìgh Èideard III agus strì i, gu soirbheachail, airson a neo-eisimeileachd fo rìgh Raibeart I ann an cogaidhean neo-eisimeileachd na h-Alba agus bha i 'na stàit neo-eisimeileach air feadh nam meadhan-aoisean. Ghabh Seumas VI na h-Alba rìgh-chathair Shasainn ann an 1603, a' toirt còmhla Alba agus Sasainn ann an aonadh pearsanta. Cha deach an dà rìoghachd aonadh gu tur gu ruige 1707 nuair a thàinig iad còmhla ann an Achd an Aonaidh 1707, a' toirt gu bith Rìoghachd na Breatainne Mòire. A bharrachd air borgh rìoghail Bearuig le Rìoghachd Shasainn ann an 1482 (dìreach an dèidh glacadh nan Eileanan a Tuath o Rìoghachd Nirribhidh ann an 1472), bha fearann Rìoghachd na h-Alba o shean agus Alba an-diugh cha mhòr co-ionnann, leis a' Chuan a Tuath san ear, an Cuan Siar san iar is san iar-thuath agus Cuan na h-Èireann san iar-dheas.
Tha cuideigin ag obair air an duilleig seo. Na deasaich an duilleag an-dràsta agus na cuir às don teamplaid, gus am bi ùine gu leòr air falbh. |
B' e an crùn am pìos as cudromaiche dhen riaghaltas san linn seo. Mus dàinig Dùn Èideann gu bhith 'na phrìomh bhaile san dàrna leth dhen chòigeamh linn deug, 's e monarcachd siubhail a bh' aig Alba sna meadhan-aoisean. Bha a' chùirt aig teis-mheadhan saoghal poileataigeach na dùthcha agus thàinig e gu bhith 'na àite a thug dìon, taic is cothrom taisbeanaidh dha na h-ealain cuideachd san t-siathamh linn deug gus an deach a leigeil mu sgaoil ann an Aonadh an Dà Chrùn ann an 1603. Thog crùn na h-Alba na h-oifisean a bha cumanta ann an cuairtean taobh an iar na Roinn Eòrpa aig an àm agus stèidhicheadh comhairle dhìomhair agus oifisean na stàite. Dh'èirich a' Phàrlamaid mar bhuidheann reachdais cuideachd is smachd aice air cìsean is poileasaidhean ach 'na àm, cha robh e cho cumhachdach cudromach ann an Alba 's a bha a chèile ann an Sasainn. Bha rìghrean tràth na h-Alba an eisimeil nan tighearnan mòra, na morairean is na toisich, ach a-mach o riaghladh Dhaibhidh I, chaidh siorrachdan a stèidheachadh a thug smachd dìreach dhan rìgh is, mean air mhean, a chuingich cumhachdan nan tighearnasan mòra. Chaidh britheamhan na sìthe agus coimiseanairean an t-solair a stèidheachadh san t-seachdamh linn deug agus rinn iad seo obair an riaghaltais fada nas èifeachdaiche. Ach air an làimh eile, bha barain na cùirte ann fhathast agus dhaingnich na tighearnan ionadail an cuid cumhachd le bhith a' stèidheachadh seiseanan na h-eaglaise.
Thàinig an lagh Albannach gu bhith 'na rian fa leth sna meadhan-aoisean is chaidh ath-leasachadh is còdachadh san t-siathamh agus san t-seachdamh linn deug. Fo Sheumas IV, thòisich cùirt rìoghail an t-seisein air coinneachadh gach latha ann an Dùn Èideann agus chaidh Colaiste Rìoghail a' Cheartais a stèidheachadh ann an 1532 agus ri linn sinn fhuair an luchd-lagha Albannach trèanadh nas fhearr.
B' e Daibhidh I a' chiad rìgh Albannach a bhuail a bhuinn-airgid fhèin fhad 's fhios dhuinne. Roimhe sin, bhiodh buinn na h-Alba cha mhòr co-ionnann ris an fheadhainn Shasannach a thaobh na bh' annta de dh'airgead ach a-mach o 1300, chaidh a' chuibhreann de dh'airgead an lughad na bu luaithe na ann an Sasainn. Aig àm Aonadh an Dà Chrùn, bha an dà-dheicheamh uiread a luach sa phunnd Albannach 's a bha sa phunnd Sasannach. Chaidh an t-airgead Albannach à bith aig àm Achd an Aonaidh ach tha na bancaichean Albannach a' clò-bhualadh notaichean Albannach sònraichte fhathast agus is ann aig Banca Rìoghail na h-Alba a tha an aon not luach £1 san Rìoghachd Aonaichte an-diugh.
Tha cladach na h-Alba cho fada 's a tha cladach Shasainn is na Cuimrigh còmhla is paileat mòr eileanan 'na cheann. San iar-thuath, tha na h-eileanan agus a' Ghàidhealtachd bheanntach agus san ear is mu dheas, a' Ghalldachd.
Nuair a bhuail a' phlàigh-dhubh air Alba, bha an sluagh air fàs o leth-mhillean gu millean ach ri linn na plàighe, thuit sinn gu millean. Thòisich e air fàs a-rithist sa chiad phàirt dhen t-siathamh linn deug agus sna 1690, bha mu 1.2 millean duine a' fuireach ann.
Aig toiseach nam meadhan-aoise, b' i a' Ghàidhlig an cànan as cudromaiche ann an Alba ach bha a-riamh Seann-Bheurla (sinnsir na Beurla Ghallda), Lochlannais agus Fraingis a-staigh san àireamh cuideachd. Cha d'fhuair a' Bheurla Ghallda làmh an uachdar ach mu thoiseach na linn nuadh.
Ràinig Crìosdaidheachd Alba san t-siathamh linn. San linn Fraingis, dh'atharraich eaglais na h-Alba gu mòr agus dh'èirich ùird mhanach is buidhnean cràbhach ùra ri linn sin. Bhuail ùpraid mhòr air eaglaisean ann an Alba san t-siathamh linn deug, an t-Ath-leasachadh Pròstanach a thoiseach air chàch agus às a sin, dh'èirich Eaglais na h-Alba a bha gu math Calbhanach 'na nàdar. Bha creideamh 'na chuspair connspaideach fad ùine mhòr agus dh'èirich iomadh sgaradh is geur-leanmhainn 'na chois.
Ged a stèidhich crùn na h-Alba feachdan mara aig diofar amannan 'na h-eachdraidh, 's e prìobhadairean a bh' annta gu tric is iad ri guerre de course. Bha an t-arm coitcheann an teis-mheadhan nam feachdan tìre ach ghabhadh ri iomadh rud is gleus ùr cuideachd a nochd san Roinn Eòrpa san t-siathamh linn deug cuideachd. A dh'aindeoin sin, bha iomadh Albannach a' strì san arm Sasannach mar shaighdear-tuarastail.
Bha an dà chuid bratach an leòmhainn agus crois Naomh Anndra 'nam brataichean aig Alba agus chaidh an tè mu dheireadh sin fhilleadh a-staigh do bhratach an Aonaidh ann an 1603.