Friedrich Engels
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e feallsanaiche poileataigeach a bh' ann an Friedrich Engels (IPA: fʁiːdʁɪç ˈɛŋəls, Barmen (Wuppertal a-nis), 28 an t-Samhain 1820–5 an Lùnastal 1895). Bha e gu mòr an sàs ann an Co-mhaoineas. Sgrìobh e am Manifesto Comannach le charaid, Karl Marx.
Friedrich Engels | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Barmen, 28 dhen t-Samhain 1820 |
Dùthaich | Rìoghachd na Pruise |
Ciad chànan | Gearmailtis |
Bàs | Lunnainn, 5 dhen Lùnastal 1895 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Aillse) |
Teaghlach | |
Athair | Friedrich Engels |
Màthair | Elisabeth Franziska Mauritia van Haar |
Càraid | Mary Burns (en) |
Foghlam | |
Foghlam | University of Berlin (en) |
Cànain |
Gearmailtis Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | eaconamaiche, eòlaiche nan saidheansan sòisealta, teòirigiche poileataigeach, feallsanaiche, sgrìobhadair, rèabhlaideach, sòiseo-eòlaiche, women's rights activist (en) agus neach-naidheachd |
Àitichean-obrach | Cathair Shaor Hanseaticeach Bremen agus Manchester |
Obraichean comharraichte |
Am Manifesto Commanach The German Ideology (en) Socialism: Utopian and Scientific (en) |
Buaidh | Heraclitus a Ephesus, Ludwig Feuerbach (en) , The Essence of Christianity (en) , Karl Marx, Georg Wilhelm Friedrich Hegel, Adam Smith, Max Stirner (en) agus David Ricardo (en) |
Ballrachd | Comann Eadar-nàiseanta nam Fir-obrach |
Creideamh | |
Creideamh | neo-dhiadhaireachd |
Pàrtaidh poileataigeach | Communist League (en) |
IMDb | nm0257290 |
Rugadh e ann am Barmen faisg air Wuppertal ann an teaghlach beairteach. Bha earrannan ann am factaraidh ann am Manchester aig athair is thoisich e ann an gnothachas nuair nach robh e a dh'aois 17. Bha e an sàs ann am poileataigs agus sgrìobh e Litrichean bho Wuppertal ann an 1839 le ainm-brèige Friedrich Oswald.
Dh'imrich e gu Manchester ann an 1842 is e ag obair ann an gnothachas teaghlaich. Sgrìobh e aistean airson Karl Marx agus dh'fhoillsich e Die Lage der arbeitenden Klasse in England ('Staid a' Chlas-obrach ann an Sasainn') ann an 1845. Dh'imrich e gu A' Bhruiseal còmhla Marx ach thill iad gu Sasainn an dèidh nan Aramach 1848. Chuir Engels taic do Mharx, a bha ann an Lunnainn is Engels ag obair airson gnìomhachas teaghlaich ann am Manchester. An dèidh do Mharx a bhàsachadh chuir Engels crìoch air Das Kapital ('Calpa'). Chaochail e ann an Lunnainn ann an 1895.[1]