Iain MacShuibhne
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs agus Prìomh Mhinistear na h-Alba a tha ann an Iain MacShuibhne, BPA (Beurla: John Swinney).
Rugadh e san 13mh, an Giblean, 1964 ann an Dùn Èideann. Dh'ionnsaich e poileataigs aig Oilthigh Dhùn Èideann agus chaidh e na chomhairliche manaidsireachd. Mar BhPA riochdaich e Taobh Tatha a Tuath air ceann an ear-thuath Alba ro 2011 agus tha e nise BPA airson Siorrachd Pheairt a Tuath. Bha e na cheannard de Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ro Ailig Salmond. Bha e cuideachd na Mhinistear an Ionmhais, na Bhun-reachd agus na h-Eaconomaidh ron iomlaid dhreuchd air buill caibineit ann an 2016.
Riochdaich e am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba còmhla ri Linda Fabiani air a' choimisein Mhic a' Ghobhainn.[1] Bhuannaich e bhòt cion-earbsa ann an 2020 an dèidh do dhuilgheasan le toraidhean nan deuchainnean[2] agus a-rithist ann an 2021 mar phàirt dhen cùis Ailig Salmond.[3] Ann an 2023 dh'fhoillsich e nach seas e airson ceannardas a' phàrtaidh a-rithist an dèidh do Nicola Sturgeon.[4]
Ach an dèidh do Humza Yousaf ceannardas a' phàrtaidh fhàgail 2024 dhearbhaich gun seasadh e a-rithist airson ceannardas a' phàrtaidh.[5] Chaidh e na cheannard 6 an Cèitean[6] agus na phrìomh-mhinistear 7 an Cèitean.[7] 'S e fàilteachas Shabhail Mòr Ostaig anns a' Phàrlamaid a bha anns a' chiad thachartas oifigeil aige mar phrìomh-mhinistear.[8]