Szczecin
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr agus port air àirde an iar-thuath na Pòlainn a tha ann an Szczecin (IPA: ʃʧɛtɕin, Gearmailtis/Suainis: Stettin, Liotuànais: Ščecinas, Latbhais: Ščecina, Caisiuibianis: Szczecëno, Laideann: Stetinum).[1] Tha e suidhichte aig 1m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-aibhne Odra, air an Lagùn Szczecin agus am bàgh Pomerania,[3] anns an roinn Zachodniopomorskie. Ann an 2008 bha 406,307 duine a' fuireach ann. Tha Szczecin 593km air falbh bho Lublin, 521km bho Kraków, 292km bho Gdańsk agus 450km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e an 7mh baile as motha anns an dùthaich.[5] A bharrachd air sin, fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1243[6] agus chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1984.[7]
Szczecin
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Szczecin fhèin | ||||
Sgìre | Zachodniopomorskie | ||||
Co-chomharran | 53° 25 00' Tuath 14° 35' 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 407,180 (2014) | ||||
Àireamh fòn | +48 91 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.szczecin.pl/ |